Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1402
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1402. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 31 May 2026
13:55
91¸£ÀûÉç Radio nan Gà idheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1098
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1402
Duration: 05:11
Litir 1402: Na Lighichean Muileach (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu na Peutanaich ann am Muile. Bha iad nan lighichean ainmeil. B’ e am fear a b’ ainmeile aca an t-Ollamh Muileach, Iain Peutan. A rèir beul-aithris, fhuair e bàs nuair a chaidh a mhurt.
Bha Rìgh na h-Alba airson faighinn a-mach cò an lighiche a bu chomasaiche anns an rìoghachd. Leig e air gun robh e tinn. Thug e cuireadh do chòig duine fichead de na lighichean a bu chliùitiche ann an Alba. Bha e airson ʼs gun innseadh iad uile dha dè bha ceà rr air agus dè an leigheas a dhèanadh iad dha. Am measg nan lighichean bha an t-Ollamh Muileach.Â
Cha robh na Muilich toilichte gum biodh e air falbh airson ùine ann an Dùn Èideann. ‘Dè nì sinn airson ar cumail fhèin slà n fallain?’ dh’fhaighnich iad.
‘Bithibh sunndach, stuama agus dèanaibh mocheirigh,’ fhreagair an lighiche. Agus dh’fhalbh e. Ach, nuair a rà inig e lùchairt an rìgh, cha robh an rìgh a’ ceadachadh sgrùdadh sam bith leis na lighichean. Thuig an t-Ollamh Muileach sa mhionaid plòigh an rìgh agus gur ann ri cleas a bha e. A rèir choltais, bha an rìgh dhen bheachd gur e sà r-lighiche a bh’ anns an Ollamh oir thuig e dòighean dhaoine.
Ge-tà , bha na lighichean eile farmadach. Chuir iad romhpa Iain Peutan a mharbhadh. Bha fios aca cà it am biodh e a’ fuireach air a’ chiad oidhche air a rathad dhachaigh. Thug iad airgead don òstair mar dhuais airson Iain a phuinnseanachadh.
Nuair a rà inig Iain agus a shearbhant an taigh-òsta, dh’iarr an lighiche air an òstair cupa uisge a thoirt dha. Cho luath ʼs a shluig e an t-uisge, bha fios aige gun robh e air a phuinnseanachadh. Dh’iarr e cupa bainne, ach cha robh bainne sam bith ann. Dh’iarr e air a shearbhant falbh a-mach don leas-chà il airson cà l fhaighinn. Ach cha robh cà l sam bith a’ fàs ann.
‘Uill,’ ars am Peutanach ri a shearbhant, ‘thoir an aire ort fhèin agus dèan cinnteach gum faigh thu dhachaigh. Cha mhair mise fada.’ Bha fios aige gun robh an t-òstair air a h-uile stuth a dhèanadh leigheas air a chur an dà rna taobh. Bha an t-Ollamh Muileach ceart. Chaochail e taobh a-staigh beagan mhionaidean. Chaidh an dust aige a thoirt a dh’Eilean Ì far an robh e air a thiodhlacadh.
Mus fhà g sinn Peutanaich Mhuile, tha mi airson innse dhuibh mu Iain Peutan eile – an dà rna mac aig an Ollamh Mhuileach. Bha e na mhinistear Easbaigeach, seach a bhith na lighiche. Ach ʼs ann thuigesan a chaidh an cruinneachadh de là mh-sgrìobhainnean is leabhraichean a bha leis an teaghlach.Â
Thug e an cruinneachadh sin leis a dh’Èirinn oir chaill e a mhinistrealachd. Aig an à m sin, bha an Eaglais Chlèireach a’ faighinn prìomhachas ann an Alba. Nuair a bha e ann an Èirinn, anns a’ bhliadhna seachd ceud deug (1700), thachair e ris an t-sà r-sgoilear Chuimreach, Eideard Lhuyd, a bha a’ dèanamh rannsachadh air na dùthchannan Ceilteach. Bha e a’ dèanamh sgrùdadh air na cà nanan, creideamhan is gnà thasan anns a’ Chuimrigh, Èirinn, Alba, A’ Chòrn agus sa Bhreatainn Bhig.Â
Thug an t-Urramach Iain Peutan taic mhòr do Lhuyd. Dh’ionnsaich an Cuimreach bhuaithe fuaimneachadh, briathrachas agus grà mar na Gà idhlig. Agus ʼs iongantach mura ionnsaich Lhuyd gu leòr bho na là mh-sgrìobhainnean Peutanach mu dheidhinn leigheas air a’ Ghà idhealtachd.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Peutanaich: Beatons; lighichean: physicians; farmadach: jealous; Easbaigeach: Episcopalian.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: fhuair e bàs nuair a chaidh a mhurt: he died when he was murdered; bha X airson faighinn a-mach cò an lighiche a bu chomasaiche: X was wanting to find out who was the most capable physician; gun innseadh iad uile dha dè bha ceà rr air: that they would all tell him what was wrong with him; dè nì sinn airson ar cumail fhèin slà n fallain?: what shall we do to keep ourselves fit and well; bithibh sunndach, stuama agus dèanaibh mocheirigh: be cheerful and temperate, and rise early; cha robh an rìgh a’ ceadachadh sgrùdadh sam bith leis na lighichean: the king was not permitting the physicians to examine him; thuig X sa mhionaid plòigh an rìgh agus gur ann ri cleas a bha e: X immediately understood the king’s ploy and that was performing a trick; thuig e dòighean dhaoine: he understood the ways of people; chuir iad romhpa Iain Peutan a mharbhadh: they decided to kill John Beaton; thug iad airgead don òstair mar dhuais airson Iain a phuinnseanachadh: they gave the publican money as a reward for poisoning John; cho luath ʼs a shluig e an t-uisge: as soon as he swallowed the water; dh’iarr e air a shearbhant falbh a-mach don leas-chà il airson cà l fhaighinn: he asked his servant to go out to the kailyard to get cabbage; cha mhair mise fada: I won’t last long; chaidh an dust aige a thoirt a dh’Eilean Ì: his mortal remains were taken to Iona; chaill e a mhinistrealachd: he lost his ministry; bha an Eaglais Chlèireach a’ faighinn prìomhachas: the Presbyterian Church was achieving dominance; ʼs iongantach mura ionnsaich X gu leòr: it would be surprising if X didn’t learn a lot.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Thug e cuireadh do chòig duine fichead de na lighichean a bu chliùitiche: he invited twenty-five of the most renowned physicians. There is more than one way to refer to 25 individuals. We might say ‘còig duine fichead’, ‘còig duine air fhichead’, ‘fichead duine 's a còig’ or ‘fichead 's a còig daoine’. Note that only in the last is duine commonly pluralised. It is one of the nouns (along with bliadhna, not, sgillinn, latha and a few others) that tend not to pluralise when associated with numbers.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: gun robh an t-òstair air a h-uile stuth a dhèanadh leigheas air a chur an dà rna taobh: that the publican had put aside all of the materials that would cure him.
Broadcast
- Sun 31 May 2026 13:5591¸£ÀûÉç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.