Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1403
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1403. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sunday
13:55
91¸£ÀûÉç Radio nan Gà idheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1099
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1403
Duration: 05:09
Litir 1403: Iain Bodhar
'S iomadh rud a tha ag adhbharachadh buidhre. A bheil sibh a’ tuigsinn sin? Many things cause deafness. 'S iomadh rud a tha ag adhbharachadh buidhre. Tubaist, cus fuaim, tinneas ... agus eile. Ach bha fear uaireigin a’ fuireach ann an Ìle – co-dhiù a rèir beul-aithris – agus bha e bodhar air adhbhar annasach.
'S e ‘Iain’ a bh’ air an duine mar ainm. 'S ann à Muile a bha e. Bha e a’ fuireach leis fhèin faisg air a’ chladach. Bha eathar aige agus bhiodh e a’ falbh a dh’iasgach gu tric. Latha a bha seo, air dha a bhith ag iasgach greis, chunnaic spùinneadairean e. Aig an à m sin, bha spùinneadairean cumanta ann an uisgeachan taobh an iar na h-Alba.
Chaidh na spùinneadairean far an robh e, ghoid iad a h-uile cà il a bh’ aige agus chuir iad an eathar aige fodha. ‘Tha sinn a’ dol gad mharbhadh,’ thuirt an ceannard aca. ‘Ach bheir sinn roghainn dhut. Thèid do shà thadh le sgian. No bidh thu air do chur beò ann am baraille a bhios air a dhùnadh. Agus thèid am baraille a thilgeil don fhairge. Dè a b’ fheà rr leat?’
Chan e ‘roghainn’ a bh’ ann! Ach shaoil Iain – nam biodh e air a shà thadh le sgian, gur ann marbh a bhitheadh e. Anns a’ bharaille, bhiodh e fhathast beò – airson greis co-dhiù. Roghnaich e am baraille. Ach dh’iarr e air na spùinneadairean toll beag a dhèanamh ann gus am biodh èadhar aige. Dh’aontaich iad.
Cha do mhothaich na spùinneadairean gun robh sgian bheag aig Iain. Nuair a bha e air bhog anns a’ bharaille, chùm e an toll beag gu h-à rd os cionn na mara. Agus thòisich e air an toll a mheudachadh.Â
Thug e ùine mhòr ach, mu dheireadh thall, bha an toll mòr gu leòr airson a là mh a chur troimhe. Chùm e air agus bha an toll a-nise mòr gu leòr airson a ghà irdean gu lèir a chur troimhe. Thug e sùil tron toll agus chunnaic e cladach creagach nach do dh’aithnich e. Bha e an dùil gun robh e air a dhol astar mòr agus nach e cladach Mhuile a bh’ ann.
Chunnaic Iain crodh ag ionaltradh air feamainn. Nam measg bha tarbh mòr. Bha coltas là idir air. Cha robh fios aig an tarbh gun robh duine am broinn a’ bharaille. Thà inig an tarbh cho faisg air a’ bharaille 's gun do ghreimich Iain air earball. Tharraing e tron toll e agus thug e draghadh mòr air.
Ghabh an tarbh eagal a bheatha agus thug e a chasan leis aig astar. Bha am baraille a’ bualadh air na creagan agus thòisich e air briseadh ann am pìosan. An dèidh greis de dh'othail is fothail, bha an tarbh cho sgìth 's gun do stad e. Bha am baraille na spealgan. Bha croitear ag obair faisg air là imh. Chuala e guth duine a’ tighinn bho sprùilleach a’ bharaille.
Chaidh e sìos agus tharraing e Iain a-mach. Dh’inns e do dh’Iain gun robh e ann an Ìle. Ach cha chuala Iain facal dheth. Dh’fhà g an ùpraid e cho bodhar ri creag. Sheatlaig Iain ann an Ìle ach cha do thill a chlaisneachd. Bha muinntir an eilein eòlach air mar ‘Iain Bodhar’.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Muile: Mull; eathar: boat; air bhog: floating; tarbh: bull; sprùilleach: debris, fragments; a chlaisneachd: his hearing.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Tubaist, cus fuaim, tinneas: an accident, too much noise, illness; bha e bodhar air adhbhar annasach: he was deaf for a strange reason; bha spùinneadairean cumanta ann an uisgeachan taobh an iar na h-Alba: pirates were common in the waters of the west of Scotland; ghoid iad a h-uile cà il a bh’ aige: they stole everything he had; chuir iad an eathar aige fodha: they sank his boat; tha sinn a’ dol gad mharbhadh: we’re going to kill you; bheir sinn roghainn dhut: we’ll give you a choice; thèid do shà thadh le sgian: you’ll be stabbed with a knife; bidh thu air do chur beò ann am baraille a bhios air a dhùnadh: you’ll be put alive in a barrel that will be shut; thèid am baraille a thilgeil don fhairge: the barrel will be thrown into the sea; dè a b’ fheà rr leat?: what would you prefer?; dh’iarr e air X toll beag a dhèanamh ann gus am biodh èadhar aige: he asked X to make a small hole in it so he would have air; chùm e an toll beag gu h-à rd os cionn na mara: he kept the small hole up above the sea [level]; thòisich e air an toll a mheudachadh: he started to expand the hole; mòr gu leòr airson a ghà irdean gu lèir a chur troimhe: big enough to put his entire arm through it; chunnaic e cladach creagach nach do dh’aithnich e: he saw a rocky shore that he did not recognise; crodh ag ionaltradh air feamainn: cattle grazing on seaweed; gun robh duine am broinn a’ bharaille: that there was a man inside the barrel; thug e draghadh mòr air: he gave it a big yank; thug e a chasan leis aig astar: it took off at speed; an dèidh greis de dh’othail is fothail: after a period of tumult and uproar; bha am baraille na spealgan: the barrel was in pieces; cho bodhar ri creag: as deaf as a post [‘rock’].
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Latha a bha seo, air dha a bhith ag iasgach greis: one day, after he had been fishing for a while. Air here represents the old word ‘i²¹°ù’ (still meaning ‘west’ but also ‘behind’) and it can be translated ‘after’. Dha is the third person singular masculine prepositional pronoun for the preposition ‘d´Ç’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Chaidh X far an robh e: X went [to] where he was.
Broadcast
- Sunday 13:5591¸£ÀûÉç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.