Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1401
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1401. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 24 May 2026
13:55
91¸£ÀûÉç Radio nan Gà idheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1097
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1401
Duration: 05:09
Litir 1401: Na Lighichean Muileach (1)
Bha mi ag innse dhuibh mun Ollamh Mhuileach – lighiche ainmeil a nochdas ann an eachdraidh agus beul-aithris Eilein Mhuile. Bhuineadh e do na Peutanaich – na Beatons. Tha mi airson innse dhuibh mun chinneadh sin.
Tha iad a’ nochdadh an toiseach ann an clà r eachdraidh na h-Alba anns a’ cheathramh linn deug. Phòs Triath nan Eilean [The Lord of the Isles], Aonghas Òg, tè Èireannach timcheall na bliadhna trì cheud deug (1300). B’ ise Agnes Ó Catháin. Thug Agnes leatha sguad de dh’Èireannaich a thà inig a dh’fhuireach ann an Alba. Nam measg bha Peutanaich.
Bha na Peutanaich mu-thrà th sgileil mar lighichean. Nuair a bha Raibeart I – Raibeart am Brusach – air an rìgh-chathair ann an Alba, bha Pà draig Peutan – no Pà draig MacBheatha mar a bh’ air aig an à m – na phrìomh lighiche dha.Â
Anns a’ chòigeamh linn deug, bha Peutanaich clà raichte ann an ÃŒle. Bha iad nan lighichean. Anns an t-siathamh linn deug, bha lighichean Peutanach a’ fuireach ann am Muile. Bha fearann aca ann am Peighinn na Croise. Tha sin faisg air Peighinn a’ Ghà idheil ann an ceann a deas an eilein.Â
Tha a’ chrois anns an ainm-à ite fhathast na seasamh. ’S e Beaton’s Cross a chanar rithe ann am Beurla. Ann an Gà idhlig – ‘Crois an Ollaimh’. An t-Ollamh Muileach, gu dearbh.
Bliadhna no dhà air ais, nochd leabhar air leth inntinneach, tarraingeach ann an clò. ’S e sin Hebridean Healers: The Beatons of Mull; bha ceathrar ùghdaran an sàs ann. Anns an leabhar tha dealbhan agus mapaichean a tha a’ sealltainn far an robh leas luibheach nan lighichean. Bha na Peutanaich a’ cinneadh luibhean ann a bh’ air an cur gu feum anns an obair aca.
Bu chòir do dhaoine ann an Alba a bhith nas eòlaiche air na lighichean Muileach seo. Bha iad ag obair aig ìre air leth à rd a thaobh leigheas agus gnothaichean meidigeach. Bha iad a’ conaltradh le sgoilearan agus lighichean ann an dùthchannan eile, agus bha iad eòlach air na là mh-sgrìobhainnean ainmeil eadar-nà iseanta mu shlà inte agus slà nachadh.Â
Mar eisimpleir, sgrìobh an sgoilear Àisianach, Avicenna, leabhar cudromach anns an aonamh linn deug. B’ e sin Leabhar an t-Slà nachaidh no The Book of Healing. Bha e air a sgrìobhadh ann an Arabais, agus bha greis ann mus do nochd dreach Laidinn dheth anns an Roinn Eòrpa. Bha lethbhreacan de Leabhar an t-Slà nachaidh aig na Peutanaich. Ach dè an cà nan anns an robh iad sgrìobhte? Bha – a’ Ghà idhlig. Tha sin a’ sealltainn gun robh na lighichean Muileach nan sgoilearan Gà idhealach a bha a’ cleachdadh na Gà idhlig anns an obair agus sgoilearachd aca.
Mar gheà rr-chunntas tha Hebridean Healers ag innse dhuinn gun robh leigheas Gà idhealach anns na meadhan-aoisean stèidhichte gu mòr air na seann teacsaichean clasaigeach à dùthchannan eile a bh’ air an eadar-theangachadh gu Gà idhlig.
Tro thìde, ge-tà , sgrìobh na lighichean Gà idhealach là mh-sgrìobhainnean aca fhèin – ann an Gà idhlig. Bha iad a’ toirt còmhla eòlas air cleachdaidhean meidigeach bho air feadh na Roinn Eòrpa agus eòlas nan lighichean Gà idhealach ann an Alba agus Èirinn. Nam measg bha fiosrachadh a lorg iad fhèin ann am Muile agus, gu sònraichte, fiosrachadh mu na luibhean a bha iad fhèin a’ cleachdadh. Tha cuid de na sgrìobhainnean sin rin lorg an-diugh ann an taighean-tasgaidh ann an Alba is Sasainn. Abair beartas a tha nam broinn.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: lighiche: physician; Peutanaich: Beatons; Peighinn na Croise: Pennycross; Peighinn a’ Ghà idheil: Pennyghael; Arabais: the Arabic language; taighean-tasgaidh: museums, archives.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: lighiche ainmeil a nochdas ann an eachdraidh agus beul-aithris Eilein Mhuile: a famous physician who appears in the history and oral tradition of the Isle of Mull; tha mi airson innse dhuibh mun chinneadh sin: I want to tell you about that kindred; sguad de dh’Èireannaich a thà inig a dh’fhuireach ann an Alba: a squad of Irish people who came to live in Scotland; mu-thrà th sgileil mar lighichean: already skilful as physicians; bha X – no Y mar a bh’ air aig an à m – na phrìomh lighiche dha: X – or Y as he was called at the time – was his primary physician; bha Peutanaich clà raichte ann an Ìle: Beatons were recorded on Islay; a chanar rithe ann am Beurla: that it was called in English; bha ceathrar ùghdaran an sàs ann: four authors were involved in it; a’ sealltainn far an robh leas luibheach nan lighichean: showing where the physicians’ botanic [‘physic’] garden was; a’ cinneadh luibhean ann a bh’ air an cur gu feum anns an obair aca: growing herbs that were used in their work; bha iad eòlach air na là mh-sgrìobhainnean ainmeil eadar-nà iseanta mu shlà inte agus slà nachadh: they were familiar with the famous international manuscripts about health and healing; bha greis ann mus do nochd dreach Laidinn dheth anns an Roinn Eòrpa: it was a while before a Latin version of it appeared in Europe; gun robh leigheas Gà idhealach anns na meadhan-aoisean stèidhichte gu mòr air na seann teacsaichean clasaigeach: that Gaelic curing practices in medieval times were largely based on the old classical texts gu sònraichte, fiosrachadh mu na luibhean a bha iad fhèin a’ cleachdadh: particularly, information about the herbs that they themselves were using; abair beartas a tha nam broinn: what riches they contain.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bhuineadh e do na Peutanaich: he belonged to the Beatons. The original form of the Beaton name was MacMeic-bethad which became MacBeatha. This was MacBeth or MacBeath in anglicised form. The Beatons appear to be unconnected to MacBeth, as in the eleventh century Scottish king, despite the similarity in the name. The Beaton medical kindred are sometimes confused with a Lowland family, the Bethune, who also often called themselves ‘Beaton’ in Scotland.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bliadhna no dhà air ais: a year or two back.
Broadcast
- Sun 24 May 2026 13:5591¸£ÀûÉç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.