Sgrùdadh air obair Comhairle an Luchd-amais

Sgrùdadh air seirbheis 91¸£ÀûÉç One, Two agus Four

Fhuair sgrùdadh an luchd-amais a-mach nach robh fiosrachadh luchd-amhairc mu aithne ant-seanail an-còmhnaidh soilleir, agus nach robh luchd-amhairc òg gu h-àraidh a’ faicinn seo cudromach. San fharsaingeachd, bha luchd-amais gu math riaraichte le na bha iad a’ faighinn bhon lìonra agus bho 91¸£ÀûÉç ALBA ged a tha uallach no dhà orra fhathast mu chàileachd cuid de phrògraman neo-chompàirteachail agus mu bhith a’ cur cus earbsa, a rèir cuid, ann am prìomh chomharran lìonra. Bha cuid de bhuill òga a’ miannachadh ceòl, comadaidh agus prògraman aithriseach mu chùisean a bha buntainneach dhaibh-san agus ag iarraidh barrachd susbaint mu nithean co-aimsireil Albannach.

Chaidh raon bheachdan a chur an cèill mu na naidheachdan a bhathas a’ cur a-mach ann an Alba, ach bha buill den bheachd nach eil solarachd a’ BhBC aig an àm seo a’ coileanadh na cothromachd as fheàrr a thaobh naidheachdan cruinne, RA, nàiseanta is roinneil Albannach dha luchd-amais ann an Alba. Bha buill airson gun deigheadh trì beachdan-bharail, a dh’èirich a-mach à sgrùdadh an luchd-amais, a dhearbhadh: gun toireadh àrdachadh ann am prògraman naidheachd à Alba sealladh na b’ fheàrr dha luchd-amais air mar a tha am 91¸£ÀûÉç a’ frithealadh a choimhearsnachdan; gum faodadh cùisean tiomnaichte Sasannach a lùghdachadh airson seo a dhèanamh; agus gum bu chòir sàr phrògraman naidheachdan eadar-nàiseanta is RA fuireach mar eileamaid bhunaiteach de sholarachd naidheachdan ann an Alba. Chaidh aideachadh gun robh prògraman drama leithid , , agus a’ cuideachadh le luchd-amais a thoirt ri chèile. Ach tha e soilleir gu bheil iarrtas ann airson dràma sònraichte Albannach a bharrachd air River City. Bha a’ Chomhairle den bheachd gun robh na bhathas a’ tabhann ann an seusan This is Scotland 91¸£ÀûÉç Four a’ cur gu mòr ri rùintean a’ BhBC: bu chòir stuth den t-seòrsa seo a bhith ruigsinneach dha na ghabhadh de luchd-amais.

Ath-sgrùdadh air 91¸£ÀûÉç ALBA

Nuair a chaidh 91¸£ÀûÉç ALBA a chur air bhog ann an 2008, shuidhich an t-Urras cùmhnant gun deigheadh ath-sgrùdadh a ghabhail os làimh ann an ceann bliadhna mu dè cho math ‘s a bha an seanal ag obrachadh. Bha e a’ cuimseachadh air dà thaobh gu sònraichte: an robh an t-seanal tarraingeach dha daoine eile seach luchd-labhairt na Gàidhlig, agus am bu chòir an t-seanal a dhèanamh ruigsinneach dha barrachd dhaoine le bhith ga thabhann air Freeview. Chaidh an ath-sgrùdadh is an co-chomhairle a chur air bhog san Dàmhair 2009. Ach nochd a’ cheist mu ruigsinneachd gu seirbheisean a’ BhBC mar phrìomh chuspair san ath-sgrùdadh air ro-innleachd a’ BhBC sa Mhàrt 2010 agus dh’aontaich an t-Urras nach biodh e iomchaidh co-dhùnadh a dhèanamh mu 91¸£ÀûÉç ALBA gus am biodh fios dè a’ bhuaidh a bhiodh aig ruigsinneachd choitcheann air a’ BhBC air fad. Mar sin chaidh an ath-sgrùdadh air 91¸£ÀûÉç ALBA a leudachadh gu thighinn gu crìoch nas fhaide ann an 2010. Cho-dhùin a’ Chomhairle gun robh 91¸£ÀûÉç ALBA air freagairt làidir a thoirt dha feuman coimhearsnachd na Gàidhlig sa chiad bhliadhna, agus air àrdachadh a dhèanamh air na goireasan is na cothroman a tha ri fhaotainn dha luchd-ionnsachadh. Tha e cuideachd air sealltainn gu bheil tarraing làidir ann am measg buidhnean den luchd-amais choitcheann ann an Alba, a cheart cho math no nas motha nan tarraing a th’ aig cuid de sheirbheisean lìonra a’ BhBC dhaibh. Bha buill den bheachd gun toireadh giùlan air Freeview àrdachadh air àireamh luchd pàigheadh chìsean aig am biodh cothrom air an t-seanal, le àrdachadh co-ionann ann an luach phoblach. Mhol an Àrd Chomhairle rùm a chruthachadh dha ALBA air Freeview le bhith a’ toirt air falbh stèiseanan rèidio lìonra a’ BhBC aig na h-amannan a tha 91¸£ÀûÉç ALBA air an èadhar. Bha a’ Chomhairle mothachail gun deigheadh seirbheisean cuid a chuibhreachadh gus àrdachadh a thoirt orra dha daoine eile. Bha buill den bheachd ged a bhiodh giùlan 91¸£ÀûÉç ALBA air Freeview an àite rèidio lìonra a’ BhBC airson pàirt den ùine na àrdachadh ann an luach phoblach, gum bu chòir dhan Àrd Chomhairle dèiligeadh san aithghearrachd ri feuman luchd-èisteachd rèidio ann an Alba agus plana a dheasachadh gus dèanamh cinnteach gum faigh luchd-èisteachd rèidio ann an Alba air uile sheirbheisean a’ BhBC a ruighinn tro aon ùrlar sgaoilidh aig a’ char as lugha. Tuilleadh mu Ath-sgrùdadh air obair Comhairle Luchd-amais.

91¸£ÀûÉç iD

Stiùireadh a’ BhBC

91¸£ÀûÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.