Thursday 16 October 2014
Tha Comhairlean Luchd-amais a’ BhBC a’ comhairleachadh Urras a’ BhBC mu cho soirbheachail ‘s a tha am 91¸£ÀûÉç le lìbhrigeadh a rùintean poblach agus le frithealadh a luchd pà igheadh chìsean tron Rìoghachd Aonaichte. Tha na ceithir Comhairlean – a tha a’ frithealadh Alba, Sasainn, Èirinn a Tuath agus na Cuimrigh – a’ faighinn taic bhon Urras gus measadh neo-eisimeileach a dhèanamh air na tha luchd-amais a’ sùileachadh agus air ceistean a dh’fhaodadh a bhith orra.

Tron bhliadhna bha na buill an sàs ann an ceistean a bha cudromach dha luchd pà igheadh cìsean ann an Alba, bho beachdan ùra mu sgaoileadh susbaint a’ BhBC agus ath-sgrùdaidhean air seirbheisean a’ BhBC, gu mar a thathas a’ riochdachadh Alba air na lìonraidhean.
Bha mòran de na ceistean co-cheangailte ri sgaoileadh, mar a bha teicneòlas a’ chraolaidh sna meadhanan uile a’ sìor leasachadh. Mar a bhios telebhisean, am bann leathann is ùrlairean rèidio ag adhartachadh chan eil e soilleir dè an dòigh as fheà rr air susbaint a’ BhBC a sgaoileadh gus dèanamh cinnteach gum bi e ruigsinneach dha luchd pà igheadh chìsean air fad. Chuir Comhairle Luchd-amais na h-Alba fà ilte air moladh canvas a’ BhBC airson telebhisean eadar-lìn agus thug iad freagairtean farsaing dha aithisg Digital Britain an Riaghaltais agus dha ath-sgrùdadh an Urrais air 91¸£ÀûÉç ALBA bho shealladh luchd-amais air feadh Alba.
Tha adhartas mòr air a dhèanamh air raon cheistean a chaidh a thogail leis an Urras, bho cùmhnantachadh lìonra gu solarachd iomlan naidheachdan ann an Alba agus faotainneachd rèidio air an A9.
Lean obair air cùisean neo-chudromach mar naidheachdan lìn de chùisean tiomnaichte, agus mu leantainneachd 91¸£ÀûÉç ALBA.
Tha seirbheisean a’ BhBC air a bhith ag obair cruaidh airson na rùintean poblach a lìbhrigeadh air na meadhanan uile agus chaidh adhartas mòr a dhèanamh am-bliadhna ann an cuid de roinnean. Bha craoladh iomairt an taghaidh ùr-ghnà thach is brosnachail, agus choisrig 91¸£ÀûÉç Four seusan slà n airson sà r phrògraman air cuspairean cudromach Albannach a chur fa chomhair luchd na RA air fad. Tha an t-Urras air gabhail ri cùisean co-cheangailte ri ruigsinneachd is riochdachadh a tha buntainneach do luchd-amais tron RA. A thuilleadh air sin, tha a’ Chomhairle air iarraidh gun tèid beachdachadh air ro-innleachd là idir fad-ùine co-cheangailte ri drà ma telebhisein dha luchd-amais ann an Alba.
Jeremy Peat
Urrasair NÃ iseanta na h-Alba
91¸£ÀûÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.