Episode details

Radio nan GÃ idheal,16 Jun 2026,57 mins
Òigridh air an eadar-lìon, blas mheasan, agus luaidh air an fhear-naidheachd Roger Cook
Naoi gu DeichAvailable for 28 days
Thèid òigridh fo aois 16 an casg bho na meadhanan sòisealta bho thoiseach na h-ath bhliadhna, a-rèir a' riaghaltais ann an Lunnainn. Thuirt Keir Starmer gu bheil seo airson clann a dhìon air an eadar-lìon; ach dè a' bhuaidh a bheir seo ann an dha-rìribh? Tha Kayleigh NicLeòid, Aidan Drow, agus Coinneach Combe le chèile gu math eòlach air saoghal an teicneòlais - is na dùbhlain a tha ron amas agus ron phoileasaidh seo. Cluinnidh sinn cuideachd mu eachdraidh a' chompanaidh Tate & Lyle, companaidh Breatannach a tha Ingredion (companaidh mòr Ameireaganach) an dèidh ceannachd - tha Alasdair MacLeòid air a bhith rannsachadh eachdraidh chama-lubach Tate & Lyle. A-rèir chuid a eòlaichean, bidh blas nas fheà rr air cuid a mheasan am-bliadhna... co-dhiù, a-rèir 's cà ite bheil thu sa rìoghachd. Ach dè dha-rìribh a tha a' toirt buaidh air blas mheasan is glasraich? Agus tha am fear-naidheachd Pà draig MacAmhlaigh a' dèanamh luaidh air Roger Cook nach maireann, am fear naidheachd a bhà saich aig an deireadh sheachdain.
Programme Website