Episode details

Radio nan GÃ idheal,11 Jun 2026,57 mins
Rolaichean bracaist, Foxburgh Massachusetts, Srà idean Pheairt is drà ma
Naoi gu DeichAvailable for 21 days
Chan eil fada ri dhol mus bi Alba a' cluich Haiti aig an deireadh sheachdain, a' chiad ghèam againn aig Cupa na Cruinne. Ach dè mu dheidhinn am baile sa bheil an gèam ga chluich - Foxborough, Massachusetts, faisg air Boston? Cluinnidh sinn barrachd mu dheidhinn bho Maureen NicLeòid. Cò againn nach eil dèidheil air deagh bhracaist. Ach a bheil rolaichean son ar bracaist airidh air dìon oifigeil? Agus dè as fheà rr le daoine air rola sa mhadainn co-dhiù? Eadar cuid a tha gan reic is cuid a tha gan ithe, tha ceathrar còmhla ri Cathy lem beachdan fhèin. Tha Anne Steven, a tha a' fuireach ann am Peairt, agus Joan Nic a' Mhuilleir air a bhith aig taisbeanadh ùr mu shrà idean beaga a bhaile - na vennels. Dè dh'ionnsaich iad fhèin mu eachdraidh Pheairt tron fhiosrachadh agus an rannsachadh a th'air a chùlaibh? Agus bheir Tanya NicDhòmhnaill dhuinn barrachd fiosrachaidh mu Strabang, agus cothrom do dh'òigridh a bhith an luib drà ma agus air an à rd ùrlar le Theatre Gu Leòr.
Programme Website