Episode details

Radio nan GÃ idheal,10 Jun 2026,57 mins
Bùth Leabhraichean Leakey, is còmhradh le Emily NicEòghain
Naoi gu DeichAvailable for 22 days
Cha bheag na tha de leabhraichean aig Bùth Leakey ann an Inbhir Nis - na deichean mhìltean mòra dhiubh. 'S e fear de na bùthan seann leabhraichean as motha an Alba; agus chuir Coinneach Mac a' Ghobhainn dùbhlan ro thriùir leabhar a lorg ann an leth-uair sa bhùth. Saoil dè thagh Dòmhnall Moireasdan, Mà iri Rhind, agus Seonaidh Charity? Agus saoil dè ghlac sùil Choinnich fhèin? Tha cèiliche na seachdain gu math eòlach air leabhraichean cuideachd. Tha Emily NicEòghain air obair ùr a thòiseachadh anns na Hearadh o chionn ghoirid, is i na h-oifigear ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ aig Hebrides People - Cò Leis Thu? Thogadh i ann an Chicago, is tha i air grunnan bhliadhnaichean a chuir seachad ag obair ann am foillseachadh ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ an Albainn Nuadh... ach dè tharraing i chun a' chà nan sa chiad à ite? Cluinnidh sinn freagairt air a' cheist sin, agus iomadach ceist eile, 's i na cèiliche aig Cathy NicDhòmhnaill air a' mhadainn sa.
Programme Website