c貌mhla ris an Urr Coinneach Fearghasdan
Seirbheis c貌mhla ris an Urr Coinneach Fearghasdan bhon Eaglais Shaor. Gaelic service conducted by Rev Kenneth Ferguson retired Free Church Minister.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 95: 6-7 air fonn Bedford agus 's e Tormod Mac a' Ghobhainn a tha os cionn agus Salm 73: 25-26 air fonn Moravia le Iain Caimbeul os cionn na seinn, chaidh na sailm seo a chl脿radh ann an Eaglais Shaor Chrois.
Salm 27: 4-5 air fonn Montrose agus 's e Murchadh MacLe貌id a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an D霉n 脠ideann.
Leughadh: Gniomharan nan Abstol 3: 1-10 agus 4: 5-12
Ceann-teagaisg: Gniomharan nan Abstol 4: 12
Rugadh an t-Urr Coinneach Fearghasdan air a' Bhac ann an Le貌dhas ann an 1946. Chaidh e a sgoil a' Bhac agus gu Colaiste a' Chaisteil ann an Le貌dhas far an robh 霉idh mh貌r aige ann a bhith ag obair le aodach. Lean e air adhart le obair rannsachaidh air a' chuspair sin ann an Colaiste Theicnigeach ann an Dewsbury. Thill e air ais a Le貌dhas ann an 1965 far an do chuir e seachad sia bliadhn' deug ag obair ann an gn矛omhachas a' chl貌 mh貌ir.
Th脿inig atharrachadh ann am beatha Mhgr Fearghasdan ann an 1970. Bha 霉idh mh貌r aige anns na searmoin aig an Urr Murchadh MacAmhlaigh, a bha na mhinistear aig an 脿m sin air a' Bhac.
Chaidh Mgr Fearghasdan air ais dhan oilthigh grunn bhliadhnaichean 脿s d猫idh sin agus fhuair e teisteanas BA ann am Beurla agus Eachdraidh. 脌s d猫idh sin, chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an D霉n 脠ideann.
Chaidh a ph貌sadh ri coitheanal Eaglais Shaor Chrosboist ann an 1984. Tha Mgr Fearghasdan air a mhinistrealachd air fad a chuir seachad ann an Le貌dhas. 脌s d猫idh sia bliadhna deug air na Lochan ghluais e an uair sin gu Nis, far an robh e na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Chrois gus an do leig e dheth a dhreuchd.
Tha Mgr Fearghasdan air a bhith an s脿s ann am iomadach comataidh thar nam bliadhnaichean, nam measg, na chathraiche air a' Chomataidh Sti霉iridh aig Ionad-C霉raim Bethesda ann an Ste貌rnabhagh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Sun 1 Feb 2026 09:0091福利社 Radio nan G脿idheal
- Sun 1 Feb 2026 15:0091福利社 Radio nan G脿idheal