An Dr Urr Ruairidh MacLeòid, Eaglais na h-Alba
Seirbheis bho 1993 còmhla ris an Dr Urr Ruairidh MacLeòid nach maireann bho Eaglais na h-Alba. Gaelic archive service from 1993 conducted by the late Rev Dr Roddy MacLeod.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 68: 7-8 air fonn London New agus 's e an t-Urr Donnchadh MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.
Salm 16: 5-7 air fonn Stornoway agus 's e Aonghas MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughaidhean:
Salm 124: 1-6
1 Corintianaich 15: 12-20
Fhuair sinn an naidheachd dhuilich gun do chaochail an Dotair Urramach Ruairidh MacLeòid air 9 Cèitean. Bha an Dr Urr MacLeòid air a bhith air leth taiceil dhuinn ann an iomadach dòigh thar nam bliadhnaichean, a’ toirt thugainn seirbheisean agus smuaintean cho tric 's a b’ urrainn dha. Tha sinn a’ cuimhneachadh air a bhean 's air an teaghlach air fad aig an à m dhuilich seo.
Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh agus bha e na mhinistear ann an Cumlodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geà rr bho 1985 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2012. Bha e 21 bliadhna mar mhinistear ann am Beà rnaraigh na Hearadh mus tà inig an cabhsair.
Bha e cuideachd an sàs ann an grunn bhuidhnean Gà idhlig, leithid Urras MhicCaoig agus Comann Litreachas na h-Alba, a bharrachd air comataidhean Gà idhlig san eaglais, agus bha e na dheasaiche air na Duilleagan Gà idhlig aig Eaglais na h-Alba airson iomadh bliadhna. Bhiodh e cuideachd a' cumail seirbheisean Gà idhlig mhìosail ann am Meadhan Earra-Ghà idheal agus anns an Òban. Chaidh urram MBE a bhuileachadh air an Dr Urr Macleòid airson a shaothair dhan Ghà idhlig 's dhan choimhearsnachd.
Last on
An Dr Urr Ruairidh MacLeòid
Broadcasts
- Sun 25 Jun 2017 21:0091¸£ÀûÉç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 May 2026 21:0091¸£ÀûÉç Radio nan Gà idheal