Episode details

Available for 4 days
Tha Tristan da Cunha air a bhith gu mòr anns na naidheachdan, an dèidh dhan airm a dhol chun eilean, son cobhair a thoirt do fhear a tha a' fulang le hanta-bhìoras. 'S e Tristan da Cunha an t-eilean as iomallaich 's an t-saoghal, air a bheil daoine a' fuireach. Thadhal Alasdair MacEachain air an t-eilean ann a 2011, 's e ag innse dhuinn beagan mun t-à ite. Tha sinn a' cuimhneachadh air an Dotair Urramach Ruairidh MacLeòid MBE - Ruairidh Beag, à Loch nam Madadh, a' chaochail air an deireadh sheachdain. Bha Ruairidh na mhinistear ann am Beà rnaraigh na Hearadh bho 1964 gu 1985 agus ann an Earra-Ghà idheal bho 1985 gu 2012. Bha e na chomhairliche anns na h-Eileanan an Iar, na sgrìobhaiche, 's na shà r sgoilear. Chuir e gu mòr cuideachd thar nam bliadhnaichean ri ar prògraman air 91¸£ÀûÉç Radio nan Gà idheal. An-diugh, cluinnidh sinn criomagan de na còmhraidhean sin agus cluinnidh sinn cuideachd bho fheadhainn a bha eòlach air Ruairidh.
Programme Website