Main content

Am B脿gh a Tuath, Barraigh

Pr貌gram 脿 Tasglann F脿ilte air a' Bhaile bho 1988 as a Bh脿gh a Tuath ann am Barraigh le Mairead NicN猫ill. Radio nan G脿idheal's archive programme from in Northbay, Barra in 1988.

Tha Radio nan G脿idheal a dol dhan tasglann son an t-sreath F脿ilte air a' Bhaile a thoirt thugaibh. Anns a' phr貌gram seo, bha Mairead NicN猫ill as a Bhagh a Tuath ann am Barraigh ann an 1988.
Bha D貌mhnall MacIlleathain, nach maireann, ag innse mu eachdraidh croitearachd na sg矛re. Tha beartas 貌rain anns a' phr貌gram: ghabh Chrissie Mary NicDh貌mhnaill Deoch Sl脿inte nan Gillean, sh猫inn Nan NicN猫ill nach maireann, a bha a c貌caireachd anns an sgoil, Turas Mhicheal, agus bha sgoilearan na sg矛re a' seinn E貌laigearraidh, agus sh猫inn, agus chluich, Kristy NicFhioghnghuin agus Shona Chaimbeul Mo Nighean Donn Bh貌idheach. Bha Mairead cuideachd a' c貌mhradh ri Raghnall MacFhionghuin nach maireann mun tr脿igh shr霉bain is cuspairean eile, agus ri D貌mhnall Eoseph MacN猫ill mu na bha tachairt ann an Talla a Bhagh a Tuath. Bha M脿iri NicFhionghuin ag innse mun obair a bha an cois a bhith ag ionnsachadh 貌rain is ce貌l dhan fheadhainn 貌g.

5 weeks left to listen

26 minutes

On radio

Tomorrow 20:30

Music Played

  • Ronan Martin

    The Hen's March / The Model T / Isabelle Blackley

    • Road 91福利社, The.
    • Highland Hospice Charity CD.
    • 1.

Broadcasts

  • Yesterday 15:30
  • Tomorrow 20:30
  • Sunday 15:30