c貌mhla ri Fearghas MacBheathain
Seirbheis c貌mhla ri Fearghas MacBheathain. Gaelic service conducted by Fergus MacBain.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 51: 10-12 air fonn Torwood le Lachlann MacDh霉ghaill os cionn na seinn agus Salm 33: 21-22 air fonn Kilmarnock le D貌mhnall Ailig D貌mhnallach os cionn na seinn, agus chaidh na sailm seo a chl脿radh le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.
Salm 103: 08-10 air fonn London New agus 's e D貌mhnall MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughadh: Isaiah 1: 09-20
Ceann-teagaisg: Romanaich 12
'S ann do Chnoc an Torran ann an Uibhist a Tuath a bhuineas Fearghas MacBheathain. Fhuair e oideachadh ann am Bun-sgoil agus 脌rd-sgoil Phaibil an Uibhist a Tuath. Nuair a bha e deiseil anns an sgoil, chuir e 霉ine seachad ag obair mar phosta. Ann an 1990 thill e air ais dhan sgoil, agus an turas seo bha e a' frithealadh Sgoil Lionacleit airson d脿 bhliadhna. Bha seo mar ph脿irt den obair ullachaidh a bh' aige ri dh猫anamh agus e a' dol a-staigh airson a bhith na mhinistear. Chuir e seachad 霉ine ann an coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart na oileanach agus chr矛ochnaich e an obair ullachaidh aige ann an Obar Dheathain.
Chaidh a ph貌sadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Cille-Mhoire agus Paibil an Uibhist a Tuath. 脌s d猫idh sin ghluais e gu coitheanal a' Chnuic anns an Rubha ann an Le貌dhas. Tha Fearghas agus a bhean Ella 's an dithis chloinne aca air ais ann an Uibhist a Tuath agus, ged nach eil e a' leantainn dreuchd ministeir, bidh e fhathast bho 脿m gu 脿m a' searmonachadh anns an sg矛re aige fh猫in.
Tha e an-diugh an s脿s ann an obair croitearachd agus ann an obair cl猫ireachd. Nuair a gheibh e 霉ine dha fh猫in, 's toil leis a bhith ag obair air a' chroit, anns a' gh脿rradh agus a' gabhail beagan fois a' leughadh.
Last on
Broadcasts
- Sun 22 Feb 2026 09:0091福利社 Radio nan G脿idheal
- Sun 22 Feb 2026 15:0091福利社 Radio nan G脿idheal