Main content

An t-Urr Iain Moireasdan, an Eaglais Shaor Leantainneach, 2007

Seirbheis bho 2007 c貌mhla ris an Urr Iain Moireasdan, an Eaglais Shaor Leantainneach. A Gaelic service from 2007 with Rev John Morrison, Free Church of Scotland Continuing.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is leughadh a leanas:

Salm 90: 1-2 air fonn Walsall agus 's e Iain MacIllEathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Ste貌rnabhagh

Salm 119: 49-50 air fonn Torwood agus 's e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an D霉n 脠ideann

Salm 116: 7-8 air fonn Ballerma agus 's e D貌mhnall MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh.

Leughadh: R貌manaich 4:1-18

Ceann-teagaisg: R貌manaich 4:18

Rugadh agus thogadh an t-Urr Iain Moireasdan ann an Eilean Bhe脿rnaraigh far an robh athair na mhiseanaraidh. Bha seachdnar anns an teaghlach aca, c貌ignear nighean agus dithis bhalach. Bh脿saich athair ann an 1944 agus thill an teaghlach a Sgalpaigh.

脌s d猫idh an sgoil fh脿gail, chaidh an t-Urr Moireasdan a dh'obair a Ghlaschu agus chaidh e an uair sin air c霉rsa einnseanaireachd ann an Colaiste Stow airson d脿 bhliadhna. Chuir e seachad d脿 bhliadhna aig muir agus thill e air ais a Ste貌rnabhagh far an do chuir e air chois gn矛omhachas einnseanaireachd aig Eilean nan Gobhar.

Chaidh iompachadh ann an 1966 tro mhinistrealachd an Urr Iain Moireasdan a bha aig an 脿m sin os cionn coitheanal Chrois ann an Nis. Chaidh an t-Urr Moireasdan air ais a Ghlaschu agus gu Oilthigh Ghlaschu, agus an uair sin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an D霉n 脠ideann airson dreuchd na ministrealachd a thoirt a-mach.

Chaidh a ph貌sadh ri coitheanal na h-Eaglaise Saoire anns a' Ghearastan ann an 1975. Dh'fhuirich e ann an sin gu 1992 nuair a chaidh a ph貌sadh ri coitheanal Shiaboist an Eilean Le貌dhais. Ann an 1999 chaidh a ph貌sadh ri coitheanal Chille Mhoire far an robh e gus an robh sgaradh san eaglais ann an 2000. Dh'fhuirich an t-Urr Moireasdan ann an Cille Mhoire far an do thog coitheanal na h-Eaglaise Saoire Leantainnich eaglais 霉r air an do rinn Mgr Moireasdan t貌rr dhan obair. Dh'fhosgail an eaglais ann an 2006.

Leig an t-Urr Moireasdan dheth a dhreuchd mar mhinistear air a' choitheanal ann an 2010 agus ghluais e a dh'Inbhir Nis, agus an uairsin nas fhaisg air an aon nighean aca a bh' ann am Br霉ra. Bh脿saich a bhean, Agnes, an uiridh.

Tha Mgr Moireasdan air grunn leabhraichean soisgeulach a sgr矛obhadh agus bidh e a' cur seachad t貌rr 霉ine a' leughadh agus a' sgr矛obhadh.

21 days left to listen

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 19 Mar 2017 21:00
  • Sun 31 May 2026 21:00